Stone in the grass

’S e samhlaidhean cumhachdach ann an cruth na tìre a th’ ann an tobhtaichean thoglaichean. Tha tobhtaichean gu sònraichte lìonmhor ann an Earra-Ghàidheal is Bòd thar an raing shòisealta, bho na clasaichean choitearan agus luchd-aonta gu ruige Cinn-chinnidh agus uachdarain, a dh’fhàg mòran taighean mòra agus tobhtaichean chaistealan. Bhrosnaich seo romansachas am measg luchd-turais tràth do Earra-Ghàidheal, agus lean seo air fiù ’s fhad ’s a bha coimhearsnachdan a bha air a bhith an sàs ann an tuathanachas anns an sgìre fad cheudan de bhliadhnaichean a’ fàgail nan dachaighean, agus a’ cur ris na tobhtaichean a bh’ anns a’ chruth-thìre mar-thà.

’S e feum bunaiteach a th’ aig sluagh eilthireach buinteanas a dhaingneachadh ri àite àraidh. Bidh mìltean de shliochd a’ tighinn do dh’Earra-Ghàidheal is Bòd gach bliadhna gus an dùthaich aca fhèin a lorg.

Do choimhearsnachdan ionadail, tha na tuineachaidhean agus structaran eile a’ toirt seachad dhùbhlan eile. Tha cuimhne ann air na daoine a dh’fhàg, agus bidh sgeulachdan gan ath-innse tro na teaghlaichean a dh’fhuirich. Tha cuimhne-leanabais ann air na h-àiteachan seo mar raointean-cluiche, agus seallaidhean ùra in-imrichean nas ùire. Tha seagh ann gu bheil dleasdanas aca uile airson eachdraidh nan àiteachan seo agus airson an gleidhidh san àm ri teachd.

Tha iomairtean ùra le buidhnean nàiseanta a’ toirt taic do phrògraman sgrùdaidh agus rannsachaidh. Tha buidhnean coimhearsnachd a’ leasachadh dhòighean inntinneach ùra tron a bhith a’ toirt cothrom do dhaoine ionadail agus luchd-turais dol an sàs ann an cruth na tìre agus a thuigsinn.

TUATHANACHAS

Tha an ath ìre de rannsachadh dualchais ann an Eilean Bhòid a’ cur fòcas air airceòlas eilein thuathanachais. Seo tèama shònraichte anns an Fhrèam Rannsachaidh Airceòlais do Bhòd, air a leasachadh rè ‘Sgeama Co-roinn Cruth-tìre Lorg Bòd’ a ruith bho 2008 gu 2012.

Tha Dùthaich Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ toirt modh-gabhail ùr ioma-mheadhain dha agus film, app, agus taisbeanadh air-loidhne a’ cruthachadh pàirt den sgeulachd leantainnich seo.

Tha coimhearsnachd Bhòid fhathast a’ leasachadh na tuigse a th’ aice air cruth na tìre, agus pròiseactan-sgrùdaidh diodsideach air fàire. Tha na gnìomhan uile seo a’ sònrachadh gu bheil na dòighean tron ghabhas dualchas ionadail a rannsachadh le cleachdadh teicneòlais air atharrachadh gu mòr tro dheichead, agus nan cothroman a th’ ann a bhith a’ co-obrachadh le com-pàirtichean ann an àiteachan eile.

FRITH-RATHAD ÌLE A DEAS

Bidh e comasach a dh’aithghearr a bhith a’ rannsachadh sgeulachdan Chill Dalton gu sàbhailte dha chois no air baidhsagal thar Frith-rathad Taighean-stail Ìle a Deas, fo leasachadh le Urras Inntrigidh Coimhearsnachd Ìle.

Tha pàirt dheth fosgailte mar-thà, agus bidh an còrr air a thoirt gu buil ann an 2015. Thar na slighe, a bhios 5 cilemeatair a dh’fhad, bidh mìneachaidhean air an àrainneachd, agus air eachdraidh agus beathaichean fiadhaich.

Tha am frith-rathad a’ fàgail an rathaid thraing a tha a’ frithealadh taighean-stail Lag Bhròdhaig, Lag a’ Mhuilinn agus Àird Bheag. Tha na eisimpleirean seo de ghnìomhachasan bho na làithean a dh’fhalbh ann an Ìle aig meadhan ghnìomhan turasachd agus malairteach anns an sgìre, ach bidh slighe an Fhrith-rathaid a’ leudachadh na sgeulachd a-mach. Tha e a’ toinneamh mun cuairt nan tuathanasan gnìomhach a thàinig tro na h-atharrachaidhean-fearainn, agus eadar tobhtaichean nan tuineachaidhean nach tàinig, agus e a’ mìneachadh làraichean ro-eachdraidheil agus Crìosdaidh tràth, agus a’ rannsachadh eachdraidh gnìomhachasail na sgìre.

HOMELAND GAELIC AUDIO

Taing do Thobar an Dualchais airson cheanglaichean claistinneach

GLÒIR-MHIANN EILEANACH

Fada ro Cho-roinn Lorg Bòd, bha planaichean ann airson an eilein! 1963

Tree near the beach

CÒISIR ÒIGRIDH A’ BHOGHA MHOIR

Tha Còisir Òigridh a’ Bhogha Mhòir a’ seinn port a’ bheul mu choiseachd agus tadhal air àiteachan, 1983

Stone in the grass

BHIDEOTHAN

 

DÙN NAOMHAIG

Tha Eleanor Nic an Aba a’ cuimhneachadh air a bhith a’ faighinn ball gunna mhòir aig Dùn Naomhaig

FLORAIDH NICALASDAIR

An t-uirsgeul mun phìobair aig Caisteal Dùn Naomhaig le Floraidh NicAlasdair

AG ATH-CHUARTACHADH CHLACHAN-MÌLE ANN AN ÌLE.