Chomharraich deireadh na h-ochdamh linn deug toiseach trèimhse gluasaid mhòir ann an Earra-Ghàidheal agus Eilean Bhòid. ’S ann bhon àm seo a tha tòrr de chruth-tìre togte na sgìre. Chruthaich ‘an gluasad tuineachaidh dealbhaichte’ bailtean ùra air feadh Earra-Ghàidheal mun cuairt air iomairtean gnìomhachais, fhad ’s a dh’obraich uachdarain-leasachaidh gus talamh-
ionaltraidh airson chaorach, no gu simplidh fearann na bu thorraiche, a dhèanamh an àite thuathanasan beaga àiteachail. Chaidh luchd-aonta fhuadachadh bhon fhearann, no aig amannan chaidh am brosnachadh co-obrachadh leis an atharrachadh-fhearainn.

Tha eachdraidh-thuathanachais an ìre mhath stèidhichte aig Eilean Bhòid, ach chaidh fuadaichean a sparradh air muinntir Ìle. Mar a bha e ann an iomadach àite, bha seo caochlaideach agus corra uair dà-sheaghach.

Ann an Ìle tha na fuadaichean bho sgìre an Obha air an cumail an cuimhne le searbhachd; ach ann an Cill Dalton faisg air làimh, ged a chaidh luchd-aonta a ‘bhrosnachadh’ imrich a dhèanamh do thuineachadh ùr Port Ilein, baile air a thogail an lùib iasgachd-sgadain leis an uachdaran Caimbeul à Shawcross, cha deach an sparradh.

Ann an àiteachan eile, bha eilthireachd shaor-thoileach cumanta agus daoine a’ trèigsinn teannachadh agus gort, ach bha imrich ghnìomhach ann cuideachd. Chaidh daoine a tharraing do chothroman ùra air an tairgse le gnìomhachasan bailtean mòra na h-Alba. Chaidh mìltean thall thairis dhan t-Saoghal Ùr.

Bha cuid de na tuineachaidhean fhathast beò, ged a bha iad a’ crìonadh, aig toiseach na ficheadamh linn. Chaidh tòrr dhiubh a thrèigsinn rè breisleach nan Cogaidhean, ach fhuair a’ chuid a mhair buannachd bho airgead-tasgaidh agus innealachas ùr anns na 1950an. ’S iad na tuineachaidhean seo a chruthaicheas an cruth-tìre tuathanachail a chithear an diugh. Tha freumhan aig cha mhòr a h-uile tuathanas nuadh-aimsireil ann an tuineachadh a tha a’ dol air ais thar linntean.

A’ FAIGHINN FIOSRACHADH AIG BAILE NA COILLE

Tha Baile na Coille air fear de 200 tuineachadh fàs, air an ath-lorg rè sgrùdaidhean le Comann Eachdraidh Nàdarraich Siorramachd Bhòid anns na 1980an agus 1990an, agus air an deach ath-thadhal a dhèanamh o chionn ghoirid tro Choimisean Rìoghail na h-Alba air Làraichean Aosmhor Eachdraidheil (RCAHMS) agus Sgeama Co-roinn Cruth-tìre Lorg Bòd. Le bhith ag ùisneachadh altan bùird-raoin, chruthaich na sgrùdaidhean clàr de na tobhtaichean follaiseach, fhad ’s dh’èirich loidhne-ama an tuineachaidh tro sgrìobhainnean agus mapaichean. Mar eisimpleir: tha mapa bho mheadhan na h-ochdamh linn deug a’ sealltainn trì toglaichean agus crò, fhad ’s a tha a’ chiad dheasachadh de mhapa Clàrachas na Dùthcha (OS) bho 1869 a’ taisbeanadh aon togalach le mullach, trì toglaichean as aonais mhullaichean agus cròithean, dìreach an dèidh an trèigsinn. Bidh gach dachaigh air a h-atharrachadh gus feumalachdan an luchd-còmhnaidh a fhreagairt, agus tha atharrachaidhean bho 300 bliadhna ri fhaighinn aig Baile na Coille.

ACHADH NA FALA

Aig amannan, ’s e cuimhne choimhearsnachd an t-aon chlàr a th’ ann air làraich. Tha Achadh na Fala aig Baile Nèill faisg air Àird Bheag ann an Ìle a’ faighinn ainm bho sgeulachd bhrùideil mu chruinneachadh màil.

A rèir beul-aithris tha a’ mhallachd ceangailte ri Achadh na Fala, as bith a bheil i fìor no mac-meanmnach, as coireach nach robh an t-achadh riamh air àiteachadh, ach ’s e an fhìrinn ’s dòcha gu robh e gu simplidh ro chlachach airson àitich. Chan fhaicear lorgan air eachdraidh anns an achadh, ach a thaobh mic-mheanmna, tha e air fear de na làraichean as cumhachdaiche ann an Cill Dalton, agus e a’ sealltainn nach bi clachan, mapaichean agus clàraidhean daonnan ag innse na sgeulachd iomlain.

A bharrachd air sin, faodaidh beul-aithris ceanglaichean eadar àiteachan a chruthachadh. Chaidh Achadh na Fala a cheangal ri Carraig an Ratha ann an Caol Ìle nuair a thionndaidh an sgeulachd do theicheadh agus eilthireachd.

HOMELAND GAELIC AUDIO
Taing do Thobar an Dualchais airson cheanglaichean claistinneach

TAIBHSEAN, ÀITEACHAN AIR CHALL AGUS AMHLAIREAN ANN AN ÌLE

Taibhsean, àiteachan air chall agus amhlairean ann an Ìle, 1969.

AINMEAN-ÀITE AGUS UIREGEULAN ÌLE

Uirsgeulan mu ainmean-àite ann an Ìle, 1969

Image of ruins

BHIDEOTHAN

BAILE NA COILLE
Tha Ailig Mack ag innse na sgeulachd mu Bhaile na Coille ann am film air a dhèanamh le oileanaich Colaisde Earra-Ghàidheal

ACHADH NA FALA

Tha Floraidh Nic Alasdair ag innse na sgeulachd mu Achadh na Fala