Image of weaving tools.

Tha Earra-Ghàidheal air a bhith na àite-còmhnaidh tarraingeach bho na làithean a bu thràithe. Bha e daonnan furasta dol air tìr oir bha bàghan seasgair aig an sgìre, agus mar sin lean tuineachadh oirthirean tìr-mhòir agus nan eilean, agus slighean aibhnichean a-staigh san tìr.

Bhrosnaich an talamh beartach tuathanachas, agus bha sin fhathast na thaic dheatamach do choimhearsnachdan agus iad a’ leudachadh a-staigh san tìr thar tòrr ghinealaichean. Mar thoradh air pailteas de ghoireasan nàdarrach eile agus deagh cheanglaichean-mara, leasaich Earra-Ghàidheal gnìomhachas dùthchail, agus fiù ’s trom, aig ìre àird bhon ochdamh linn deug a-mach.

Bha cuid, leithid togail-bhàtaichean, nan gnìomhachasan traidiseanta, ach bhiodh uachdarain agus an riaghaltas a’ brosnachadh, agus gu tric a’ maoineachadh, sgeamaichean ùra. Sgaoil an eaconamaidh gus ceilp, breabadaireachd, uisge-beatha, cruthachadh-leacagan, dùsgadh chlach, tochladh agus iomadach iomairt eile a thoirt a-staigh, agus na toraidhean a’ fàgail bho na cidheachan lìonmhor a gheibhear fhathast air a’ chosta. Tha cuid de na gnìomhachasan seo fhathast ann.

B’ e roinn den Ghàidhealtachd a bh’ ann an Earra-Ghàidheal gu o chionn ghoirid. Ach tha i air tionndadh – agus tha i fhathast a’ tionndadh – gu mòr do mheadhan na h-Alba agus do shlighean-malairt trang. Fhad ’s a tha Eilean Bhòid a’ cur aghaidh air Linne Chluaidh, chithear Èireann gu furasta bho Ìle. Tha an dà dhàimh air a bhith deatamach do na h-eileanan seo agus air feadh Earra-Ghàidheal aig amannan diofraichte.

Tha coimhearsnachdan Bhòid, agus Chill Daltain agus na h-Obha ann an Ìle, air a bhith ag obair air pròiseact a tha a’ rannsachadh an eachdraidh tro chruth na tìre; agus iad a’ smaoineachadh mu bheatha, agus a’ beachdachadh air na h-atharrachaidhean a tha gar toirt dhan àm tha làthair.
BAILE NA COILLE

Tha Baile na Coille na thuineachadh fàs anns a’ choille a th’ aig a’ choimhearsnachd ann an ceann a tuath Eilean Bhòid, agus nochd e ann an clàran an toiseach anns an t-siathamh linn deug. Tha cruth a’ bhaile air atharrachadh, ach ’s e a chithear a-nis còig toglaichean a dh’aoisean diofraichte, agus trì cròithean airson bharran no stuic. Chaidh a thrèigsinn ann an 1865 an dèidh trèimhse crìonaidh, ach na tha air fhàgail de thractar ‘Fergie’ glas a’ sealltainn gun robh àite aige fhathast anns an fhicheadamh linn.

Is gann na bailtean Gàidhealach a tha air am fàgail anns an eilean, agus tha beatha fhada an fhir seo air ùidh muinntir an àite a ghlacadh; bhon chloinn a tha air a bhith a’ smaoineachadh mu bheatha-teaghlaich an tuathanais, do Chomann Eachdraidh Nàdarrach Siorramachd Bhòid a tha air sgrùdaidhean mionaideach a dhèanamh.

THARBHDAIL

Tha baile tuathanachais Tharbhdail na laighe mu mhìle a-staigh san tìr, a’ coimhead a-mach thar Lag a’ Mhuilinn. Chan eil fhios againn cò a dh’fhuirich an sin an toiseach, ach tha clàraidhean bho 1821 a’ sealltainn gun robh ‘Donnchadh Mac an Aba, breabadair’ à Tarbhdail air fear de na ciad daoine a rinn imrich do bhaile ùr Port Ilein. Tha an t-innealradh-tuathanachais trèigte de dheagh ghnè agus am fearann air a dheagh shìoladh, agus tha seo uile ag innse mu thuathanas làidir trang. Bha daoine fhathast a’ fuireach an seo ann an 1916, agus mar sin bha e air fear de na tuathanasan mu dheireadh anns an sgìre a chaidh a thrèigsinn.

Mu dheireadh thall, ’s dòcha gum b’ e a’ Chiad Chogadh a bu choireach, oir bha coimhearsnachdan dùthchail a’ call luchd-obrach aig an aon àm ’s a bha teannachaidhean a thaobh chòraichean-fearainn a’ bualadh orra; agus threòraich seo do dh’eilthireachd anns an fhicheadamh linn, gu sònraichte do dh’Ameireaga.

HOMELAND GAELIC AUDIO

Taing do Thobar an Dualchais airson cheanglaichean claistinneach

GNÌOMHACHAS,

Breabadaireachd agus toradh-obrach iondail, a’ toirt a-staigh iomradh air ‘Tora’ air an t-slighe do Phort Ilein

Image of weaving tools.

WESTERING HOME

‘Westering Home’, òran air a chlàradh 1955 mu Ìle

image of ruined crofting house

BHIDEOTHAN

EILEAN BHÒID, BAILE NA COILLE
Prìomh euchd fhilm – Eilean Bhòid, Baile na Coille

TARBHDAIL
Tha Eleanor Nic an Aba a-mach air Tarbhdail