Bidh toglaichean a’ crìonadh gu luatha an dèidh trèigsinneachd. An dèidh mu 25 bliadhna tuitidh mullach na bhròin, agus aig amannan chaidh mullaichean a thoirt air falbh gus cìsean airson thoglaichean a sheachain; chruthaich seo tobhtaichean sa bhad.

An coimeas ris na mìltean de dhaoine a dh’fhàg Earra-Ghàidheal anns an naoidheamh linn deug, chan eil ach beagan thuineachaidhean trèigte ri fhaicinn. Gu ìre, b’ e an seòrsa de thoglaichean a bu choireach. Cha robh cuid ach nam bothanan simplidh, agus cuid eile air an togail de mhòine air bunaitean cloiche, fhad ’s a bha taighean cloiche na b’ fheàrr a’ toirt seachad stuth-togail luachmhor airson phròiseactan-togail ùra.

Tha lorgan cnapach air bunaitean nas cumanta na tobhtaichean follaiseach, agus cha nochd cuid de thoglaichean ach ann an sgeulachdan a-mhàin.

Thàinig na toglaichean fhèin gu bith thar trèimhse fhada, ach mar thobhtaichean ’s dòcha gu bheil coltas gun ghluasad orra agus iad a-mach às an co-theacs eachdraidheil. Tha an sgrùdadh ùr anns a bheil coimhearsnachdan ionadail a’ dol an sàs a’ toirt soilleireachadh do na loidhnichean-ama seo, an dà chuid gu structarach agus mar ionadan beatha-teaghlaich.

SEANN TEAGHLAICHEAN

Sheachain Eilean Bhòid na fuadaichean a thachair ann an àiteachan eile ann an Earra-Ghàidheal, agus tuathanasan a’ mairsinn an ìre mhath slàn tron naoidheamh linn deug, agus còraichean-aonta a’ fuireach leis na h-aon teaghlaichean. Gheibhear na sloinnidhean Mac an Iasgair, MacAoidh, Gòrdan, MacArtair agus Mac a’ Phì ceangailte ri Baile na Cille fhathast anns an eilean san latha an diugh. Bha àireamh-shluaigh an eilein fhathast ag èiridh gu cunbhalach nuair a chaidh an tuineachadh a thrèigsinn. Bha daoine a’ dol thall thairis agus do bhailtean mòra gnìomhachail ùra na h-Alba, ach bha tàladh agus cothrom na bu bhuailtiche a bhith air cùlaibh sin na teannachadh anns an eilean. Cò aig tha fios carson a dh’fhàg na daoine Baile na Cille mu dheireadh thall? A dh’aindeoin nam factaran sòisealta agus poilitigeach uile, aig amannan chan eil adhbhar ann airson a bhith a’ fuireach an sin tuilleadh.

CALL AGUS EILTHIREACHD

’S e cuspairean mòra ann an cultar na Gàidhealtachd a th’ ann an call, eilthireachd, gaol agus cogadh; aig amannan tha iad muladach brònach, ach gu tric bidh iad gu simplidh a’ taisbeanadh thachartasan. Tha iad a’ ruith tro obair a’ bhàird Ìlich, Donnchadh MacIain, a dh’fhuirich fad greis ann am bothan beag os cionn Lag a’ Mhuilinn. ‘Math air dèanamh nan òran’ mar fhear òg, choisinn e an crùn Bàrdail aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an 1929, agus dh’fhoillsich e a chuid ciùil ann an 1939.

Tha an obair aige fhathast beò: bidh òrain mar Sìne Bhàn air an gabhail aig dachaigh agus ann an coimhearsnachdan ann an àiteachan eile aig a bheil buinteanas ri Ìle. Bidh am Mòd fhathast a’ cumail co-fharpais chòisir na ainm, agus o chionn ghoirid tha Còisir Ghàidhlig Ìle air taghadh fòcas a chuir uile gu lèir air obair Mhic Iain.

HOMELAND GAELIC AUDIO

Taing do Thobar an Dualchais airson cheanglaichean claistinneach

FUADAICHEAN AN OBHA

Fuadaichean an Obha ann an Ìle a Deas, agus cùisean-fearainn leantainneach, 1969

UILLEAM MACMHATHAIN A’ SEINN

Tha Uilleam MacMhathain a’ seinn mu fhoghar os cionn Bàgh Baile Bhòid.

BHIDEOTHAN

TARBHDAIL

Tha Eleanor Nic an Aba a-mach air atharrachaidhean-fearainn aig Tarbhdail

DONNCHACH MACIAIN

Mòrag NicDhùghaill air cuideam Dhonnchaidh MhicIain, Bàrd Ì

SGOIL-ÀRAICH CHRAOBH-UBHAIL

Chuidich a’ chlann bho Sgoil-àraich Chroabh-Ubhail ann am Bòd ann a bhith a’ dèanamh an fhilm seo mu Bhaile na Coille